Chaidh a’ Cholaisde Ghaidhlig a thoiseachadh anns a’ bhliadhna 1974 an uair a fhuaireas seann togalaichean tuathanais airson an cuir gu feam a chum na criche so. Airson a chuid bu mhotha de’n cheud bhliadhna, roinneadh oidheirp air pairt de’n togalach a charadh los gun gabbadh e cuir gu feum mar aitreabh foghlum agus thainig an t-Ollamh Gordan Barr, fear-teagaisg ann am Bith-chemigeachd aig Oil-thigh Dhundeagh, a chuir bliadhna shabaideach seachad a chum cuid de’n obair steidheachaidh a chuir an greim. Bho’n uair sin leudaichear air gniomhachas a’ Cholaisde agus bho shuidheachadh Fearchar MacGill-Fhinnein a Ratharsaidh mar Fhear Stiuiridh anns a’ Cheitein 1975 chaidh greasad a chuir air adhartas.
‘Tha togalaichean a’ Cholaisde ceithir-chearnach ann an cumadh le tigh ochd seomraichean beaga am fagus. Anns a’ chuid a chaidh urachadh de’n togalach tha againn a nise Oifig Mhor fhosgailte, Leabhar-lann comasach, seomar-suidhe, ceithir seomraichean teagaisg, aan an aon dhiubh a ghabhas sgaileanan a nochdadh, cidsin, seomraichean ionnlaid agus aite-buthann. A bharrachd tha talla mhor an le ard-urlar agus tha seomraichean sgeadachaidh ‘g an ciur air doigh airson cluicheadairean.
Fhuaireas taice bho Thionnsgal an Obair Chruthachaidh agus ri linn sin rinneadh adhartas math air caradh an togalaich.
Is docha gur e an cnap-starradh as dorra an drasda gainne an airgid. Gu ruige so tha sinn air suim mu thuairmeas £100,000 a sholar bho Bhuidhnean neo-fhoghluntach agus dheth so tha na tabhartasan as motha air a thighinn bho Urras Ghulbenkian, Chomhairle an Ealdhain an Alba, Bhord Leasachaidh na Gaidhealtachd agus Bhuidhnean Gniomhachais mora. Chaidh Caidreamh an t-Sabhail a chuir air chois le ballrachd mu thuairmeas 500 neach, a tha paigheadh £3 aig a char as lugha gach blladhna mar chis-ballrachd. A bharrachd tha Ballrachd Buidhne ann le £10 ‘s a’ bhliadhna ‘ga phaigheadh. Anns an Earrach 1976 fhuair a’ Cholaisde air tus tabhartas airgid bho Roinn an Fhoghlium an Alba agus tha so air urachadh gach bliadhna.
Tha ann cuideachd Comhlann Leasachadh Sabhal Mor Ostaig air a shuidheachadh anns an Eilean Sgitheanach aig a bheil na ruintean a’ Cholaisde a chuideachadh le airneis is uidheam a cheannach. Cho math ri tabhartasan airgid chaidh aireamh mhath de leabhraichean a thoirt mar thoidhlac do’n Cholaisde agus tha an co-chruinneachadh leabhraicehan a’ sior dhol am meud.
Tha ceangal a nise aig a’ Cholaisde ri Roinn an Fhoghluim Buaine ann an Oil-thigh Shruighlea. Tha so a’ gabhail a’ steach cursaichean goirid ri’n cumail aig a’ Cholaisde an co-bhonn ris an Oil-thigh agus feum a dheanamh de ghoireasan teagaisg cho math ri comhairle fhaotainn agus cuideachadh le clo-bhualadh.
Bu mhath leis a’ Cholaisde cuideachd ceangal a dheanamh ri aitreabhan-fogluim ann an Eirinn agus mar an ceudna ann an Albainn Nuadh.
Aig a’ cheart am so, a bharrachd air an Fhear Stiuiridh, tha Sgriobhadair agus Cleireach ag obair aig a’ Cholaisde. Aig am Sgoiltean Samhraidh airson luchd-ionnsachaidh na Gaidhlige, agus tha iadsan air a bhith ann bho feadh an t-saoghail, tha triuir luchd-teagaisg a bharrachd air am fasdadh agus cuideachd neach-teagaisg dannsa Ghaidhealach agus piobaireachd. Ri tide chitheamaid Roinn Ciuil aig a’ Cholaisde le teagasg ‘g a’ thoirt ann an ceol fidhle is clarsaich cho math ri piobaireachd agus seinn.
Tha guothuichean a’ Cholaisde air an riaghladh le Urrasairean, deich dhiubh aig an am so, le aite airson dusan. Tha aon dhiubh sin a’ riochdachadh Caidreamh an t-Sabhail. Chuir na h-Urrasairean romhpa mar phrionnsapal gur e bu cheann-uidhe dhaibh cursa da-bhliadhnail do dh’oileanaich a chuir air chois aig a’ Cholaisde. An toiseach co-dhiubh cha bhitheadh ann ach mu 30 oileanach agus bha duil gun toisidheadh a’ cheud Chursa arms an t-Sultuin 1979/80. Bhitheadh an Cursa air a bhonntachadh air Cnuasachd Ceilteach, cuspairean coimhearsnachdail agus cuspairean gniomhachais co-cheangailte ri caithe-beatha an Eilein Sgitheanaich mar aiteachas, iasgach, forsaireachd is cruinne-eolas.
Gu na tha so a thoirt gu buil feumar aireamh an luchd-teagaisg a mheudachadh gu ceathrar, feumar moran caradh a dheanamh air an togalach agus tha mor fheum air aite-comhnuidh freagarrach do dh’olleanaich. Ged nach’eil an suidheachadh eacanomaiceach ro ghealltanach ann am Breatuinn arms na h-amannan a rug oirnne nithear gach oidheirp air ar ceann-uidhe a thoirt a mach.
Gu ar ruintean a chomhlionadh tha feum air gach taice is comhnadh, gu h-araid a thaobh tighinn-a-steach, a ghabhas cothachadh a chum agus gun tog sinn suas ar canain ‘s na tha fuaighte rithe agus gum bi againn aitreabh foghlum Gaidhlig fior-airidh air an ainm. Mar sin bhitheamaid ro thoileach an ceangal ri cinneadh uasal Chloinn Domlinaill a neartachadh, d’am bu dual fialachd is fiughantachd, ard-aigneachd is badhachd agus a nochd an dealas bho shean do dh’ard-sgoilearachd is ghniomharran.