Murchadh Agus an Reith le Domhnall Domhnallach.

Bha Murchadh beag Domhnullach, gille da bhliadhna dheug, agus a pharantan cuide ris, fo mior iomaguin re iomadh la, bhur bha an reithe bàn, a bha air seilbh Mhurchaidh, agus a reir a bheachd-sa, an reith’ a b’ fhearr na gach reith’, air chall. Cha robh a dhubh n’a gheal ri fhaighinn. Chomh-dhùin iad mu dheireadh gu robh e air a dhol ri na creagan no gu’n do dh’fhalbh am muir leis.

La bha sud nach d’thainig fios bho sgiobair an sgoth Nisich, An Ribhinn Og, gu robh beathach – caorach ann am palla, os cionn Cnapan an Altair, am màs Rudha na h-Airde, ach nach deanadh iad a mach co be leis e.

Thug a’ naigheachd beagan misnich do’n teaghlach, agus cha b’ fhada gus an robh Murchadh is athair Os cionn a’ phalla anns an robhas a’gradh gu robh caora, ach bho mhullach nan creag chan fhaichte nì.

Chrom iad sios gu’n d’fhuair iad sealladh air a’ bhrùid bhochd. Cha robh teagamh sam bith co leis an cailteanach bhur bha aghaidh riu, aghaidh mar a bha air caora a Nis uair-eiginn, aghaidh a bheireadh taobh sam bith e.

Sheas iad greis a’ smaoineaehadh air de an doigh a b’fhearr faighinn thuige. Cha robh moran àiteachan greime ri faicinn anns anns a’ chreig, chorrach, chas, fo’n robh a’ muir a’ briseadh, suas ri da chiad troimh shios.

Thill iad dhachaidh agus rinn ian aid an t-sabhal far an robh sìneadh math do rop, air ùr thighinn a buth Thearlaich, an Steornabhagh. Thug iad leo sin, agus thug iad leo cuideachd am bout a aiseal na cairteach.

Dh’eigh am bodach ri bhean gu robh iad a’dol do’n Ard ach nach biodh iad fada.

Cha leigeadh e a leas innse dhith-se sin. Bu mhath a bha fhios aice càit’ an robh an run a’ dhol, bhur bha an ropa mu ghuaillibh a duine agus am bouta fada iaruinn an lamh a mic, ag innse an sgeoil fhein.

Cha mhotha a chuir i bacadh sam bith orra, bhur bha i ro eòlach air naduir a fir agus cuideachd nadur a h-isean mic. Dheanadh iad na bha ri dheanamh a dh’aindheoin na theirte riutha.

‘Nuair a rainig an dithis an t-aite a shaoil iad bu fhreagarraich air son an oidheirp, shàth am bodach am bouta dh’an talamh agus le buillean cruaidh cloiche chuir e domhainn e. Cheangail a an rop ris a’ bhouta, agus le greim teann air an rop leig e e fhein sios aghaidh na creige.

‘N a òige bha am bodach ainmeil ‘na streapaiche, ach bha e nis air dùnadh tri fichead bliadhna agus dh’fhag sin nach robh an ceann idir cho math ‘s a b’abhaist dha. Thainig tuainealaich ann agus b’fheudar dha tilleadh air ais.

“Feumaidh sinn fhàgail far am ‘eile e”, ars’ esan. “Chan ‘eil comas againn tuilleadh a dheanamh air a shon.”

“Is sinne fhein nach fhag”, fhroagair Murchadh. “Cuir mise dh’an rop agus bheir mi suas e.”

“Cha chuir gu deimhin. Na’n éireadh càil dhuit cha b’urrainn dhomhsa tilleadh dhachaidh gu do mhathair as d’aonais. Is tusa an t-isean deiridh linn.”

“Chan fhàg mis’ an reithe. Mur cuir thu mise dh’an rop, theid mi sios as eughmhais.”

‘Thug iad suil gheur air a cheile – an t-athair agus am mac, – an sean agus an t-og, – agus am mac coltach ris an athair.

“Trobhad mo leanabh”, ars’ am bodach mu dheireadh, agus chuir e an rop uime.

Chuir am balach aghaidh ris a’ chreig agus, cas-ruisgte, chaidb e a sealladh athar.

Sios, sios a ghabh, gu curamach, faisilleach. Cha b’urrainn dha cabhaig a dheanamh. Bh gach greim laimhe agus gach aite coise air an taghadh le seoltachd ‘s le gliocas. Cha robh e idir cho aineolach ‘s na creagan ‘s a bha athair an dùil, agus rainig e gu sabhailte taobh an reithe.

Dh’fhiach Murchadh ri togail a’ bheathaich suas air aodann na bruthaich, ach dh’fhaillnich air. Dh’fhuasgail e an rop dheth fhein agus chuir e mu amhuich an reith’ e. Thug e tri tarruing air an rop, mar chomharradh do athair gu robh a deiseil gu direadh. Air ball theannaich an rop, agus rinn e gaire beag ris fhein, bhur bha fhios aige gu robh smuain-inntinn athar maille ris fad an t-siubhail.

‘Nuair theannaich an rop mu amhuich, thug an reith’ grad leum as, nach mor nach do thilg am balach leis a’ chreig, ach gu fabharrach bha e gun leigeadh as a ghreim air an rop, agus shabhail sin e o bhith an grunnd na fairge.

Chum athar a’slaodadh agus thog Murchadh leth-deiridh a’ bheathaich agus an deigh beagan spairn, fhuaras e air uachdar na bruthaich, agus chum ad a’direadh suas gu socair, an dara fear dhiugh a’slaodadh ‘s am fear eile a’fruthadh, gus an d’rainigeadh far an robh am bodach. Rug esan air adhairc an reith ‘agus thog e e gu bil na creige far na shin an cailteanach, lag, bochd e fhein.

Shuidh Murchadh agus athair taobh ri taobh, car greis, Murchadh le chridhe ‘na uchd, agus athair le braon fallais air aodann, agus a ghairdean a bha ma thimchioll guaillean a mhic air chrith. An ceann greis rinn iad air an dachaidh, leis an reith air guaillean a’ bhodaich.

Aig an dachaidh bha bean an tighe a’ feitheamh ‘s a’ feitheamh. Bha earbs’ nach bu bheag aice ‘na duine ach cha do chum sin i gun iomaguin air a shon. An deigh uine fhada dhithse, ach uine gu math na bu ghiorra air an uaireadair, chunnaic e an dithis a’ tighinn.

Steach a chaidh i air ball, thuit i air a glùinean, agus thug i taing do Dhia gu’n do ghleidh E a cuideachd gu tearuinte agus air eiridh dhith, chuir i an coire air an teine.

Thainig Murchadh ‘na ruith a’ steach.

“Fhuair sin e.” dh’eigh e. “Thug m’athair ‘s mi fhein e a’ palla. Thoir dhomh cnap ime gu bogachadh a thaobh stigh agus ceangaillidh mi ‘s an lot e.”