Bithidh luchd eachdraidh is sgrobhaichean Gallda eile a’ cur f’ar comhair nach robh anns na seann Ghaidheil ach sluagh ardanach borb gun umhail. Seo a’ bharail a bh’aig móran air na daoine bho’n tainig sinn suas gu ruige na naoidheamh linne deug. Tha feadhainn ann fhathast, ach tha mi’n dòchas nacheil iad ach tearc, a tha de’n bharail nacheil anns a’ Ghaidhlig ach cainnt bhorb gun dreach gun loinn. Chaneil cothrom againne mar Ghaidheil air an aineolas sin a gheibhear am measg dhaoine a tha ‘gem meas fhéin rud-eigin adhartach agus coimhlionta. ‘Se mo bharail fhéin gun robh litreachas agus ceòl am pailteas aig na seann Ghaidheil an uair a bha cearnan eile na duthcha gu math easbhuidheach a thaobh sco. Tha mi a’ smaoineachadh cuideachd gu bheil againn an Gaidlhlig an diugh litreachas cho agus is dòcha nas fheàrr na tha aig luehd na Beurla an Alba. ‘Se as motha tha cur orm a thaobh sco nacheil sinn fhéin mar Ghaidheil a’ toirt ‘aite agus urram do’n litreachas sin a th’againn. Chan fhoghainn dhuinn idir a bhith seinn òran ‘s a’ dol gu ceilidhean móra an Glaschu is an àitean eile. Chaneil mi ro chinnteach idir gun d’rinn na ceilidhean is na mòdan a th’ann móran feum do’n Ghaidhlig.
Aig an am a th’ann thigeadh dhuinn sùil a thoirt air ais is beachdachadh air an ionmhas luachmhor a thainig thugainn a nuas troimh na linntinn. Ma ni sinn sin gu cùramach maith dh’fhaoidte gum faigh sinn dealbh choimhlionta air na làithean a bh’ann agus gun cuir sinn meas is urram air ar litreachas, air ar ceòl agus air gach subhailc luachmhor a tha fuaighte ruinn mar shluagh.
Ged a tha a’ Ghaidhlig a’ bàsachadh san Eileen Sgitheanach bha latha eile aice. An uair a bha cinn chinnidh eile na Gaidhealtach a’ toirt urram do na bàird bha an cuid fhéin aig cinn chinnidh an Eilein. Ged nacheil móran air sgeul de shaothair nam bàrd mhóra a bha sin tha eachdraidh is beul aithris a’ toirt cùnntais orra. Tha fhios againn gun robh ne seann bhàird a’ cur seachad ùine mhór ag ionnsachadh na h-ealain is gun robh eòlas farsaing aca air cànain, air rannaigheacht is air eachdraidh. Cha b’ionnan cainnt nam bàrd agus cainnt ant- sluaigh aig an am agus b’e cuspair an cuid bàrdachd sloinneadh agus eachdreidh an teaghlaich do’m buineadh iad.
Seo ageibh aon rann a rinneadh do aon de na Domhnallaich o shean.
Nior ghlac claith colg na gunna
Sgiath ré linn no lann tana:
Cothrom cruais do ghleó an ghiolla.
Eó Sionna o’n Bhuais o’n Bhanna.
Chi sibh bhuaithe sin an gne Gaidhlig a chleachta agus an t-eòlas a bh’aig a’ bhàrd air ainmean aibhnichean an Eirinn.
Aig an am ud bhiodh na bàird againne a’ dol a dh’Eirinn agus tha sgeul againn cuideachd air bàird Eirionnach a bhith tighinn do’n Ghaidhealtachd. Bha bàird aig MacLeoid Dhunbreagain ris an abrar O’Muirgheasán agus tha cùnntas air cuid dhiubhsan a bhith bliadhnachan an Eirinn. Tha e air a radh cuideachd gun robh cuid dhiubh ‘nam bàird aig MacIlleathain am Muile. Chi sinn bhuaithe sin nach b’e Mairi Nighean Alasdair Ruaidh na an Clarsair Dall a cheud fheadhainn a fhuair aoidheachd o Chlann MhicLeoid Dhunbheagain. Gu dearbh chaneil cinnt idir air gun robh a h- aon dhiubh sin air am fasdadh agus air am paigheadh mar bhàird teaghiaich mar a bha O’Muirgheasán. Tha cùnntas air fear dhiubhsan a bhith san teaghlach san t- seachdamh linn deug. Chaneil teagamh air nach e àite sònraichte a bha an Dunbheagain anns na linntinn a bha sin. Bha meas air bàrdachd agus air ceòl agus bha an sluagh a’ cur earbsa agus taic anns a’ cheann cinnidh. Cha b’iongnadh idir an Clarsair Dall a bhith cho dubhach an uair a thug e f’anear nach robh meas gu bhith air a leithid tuilleadh. Seo mar a thuirt e fhéin ann an Oran Mor MhicLeoid.
Chaidh a’ chuibhle mu’n cuairt
Ghrad thionndaidh gu fuachd am blàths’
Do chunnacas féin uair
Dùn ratha nam buadh seo thràigh;
Gheibht’ ann tathaich gach duain
Is iomadh maitheas gun chruas gun chàs
Dh’fhalbh an latha sin uainn
Is tha na taighean gu fuaraidh fàs.
Chaneil mise ag agairt gur h- e Sgitheanach a bh’anns a’ Chlarsair idir. Ged a b’ann do Leodhus a bhuineadh e fhuair a aoidheachd an Dunbheagain agus tha mi cinnteach nach bann a thaobh ‘s gum b’e Leodhusach a bh’ann a fhuair e sin.
Cha mhò na sin a tha mi ag radh gu bheil fios agam co dhiubh a bhuineadh Mairi Nighean Alasdair Ruaidh do na Hearadh no do’n Eilean Sgitheanach. Chaneil mise ag radh ach gun do choisinn a buadhan dhith àite agus aoidheachd an Dunbheagain. Is an fior dhuilich a bha i a bhith air a fògradh as an ionad sin a chuir a leithid a mheas air na buadhan sin a bhuilicheadh oirre. Tha sco soilleir bho na briathran a chleachd an Luinneag MhicLeoid.
Is mi am shuidhe air an tulaich,
Fo mhulsd ‘s fo imcheist,
Is mi ag coimhead air Ile,
Is ann de m’ iongnadh san am seo.Bha mi uair nach do shaoil mi
Gus an do chaochail air m’aimsir
Gun tiginn an taobh seo,
Dh’amharc Dhiuraidh a Sgarbaidh.
‘S gu dé nise tha na h- earranan sin ag innseadh dhuinn mu’n Eilean Sgitheanach aig an am? Nacheil fhios gu bheil, gun robh taobh aig na bàird ri Dunbheagain agus nach ann dhaibh a b’fhiach. Bha meas air ceòl agus air bàrdachd an seo agus nach math an innseadh sin air na cinn chinnidh a thug aoidheachd is àite do na bàird. Tha e doirbh leam a chreidsinn nach robh an sluagh uile air an deagh dhòigh aig an am sin ach bha am eile ri thighinn orra agus bha an Clarsair Dall mothachail air a sin.
Ach cha b’e Leodaich Dhunbhéagain a mhàin a thug aoidheachd do na bàird. Bha an teaghlach ris an abrar Clann a’ Bhàird ri am faotainn air aoidheachd aig Domhnaillaich an Eilein agus eadhon anns an ochdamh linn deug chi sinn gun robh àite aig a’ bhàrd an teaghlach shleibhte. Mu mheadhon na linne sin tha a air a radh gun tug Sir Seumas inbhe bàird do MhacCodrum, am bàrd Uibhisteach.
Thug bard eile, Iain Lom, iomradh air fear eile de na Domhnallaich mu thoiseach na seachdamh linne deug. Seo mar a labhair esan mu’n teaghlach sin ri inn ceann cinnidh ris an abrar Domhnall Gorm Og Mac Ghilleasbuig Chleirich.
Bidh cruit is clàrsaich
Is mnà uchd – àillidh
‘N tur nan taileasg geàrr.
Foirm nam pioban
‘S orghain Lìtich
‘S cùirn ‘gan Lìonadh ard.
Có nise theireadh gum bu bhaile bochd a leithid sin a dh’ àite ‘s bu mhath leinn a chreidsinn nach biodh éis air sluagh am feadh ‘s a bha aignidhean nan ceann cinnidh air cuspairean. cho sòiuimte.
Bha àite s’onraichte aig a’ bhàrd an teaghlach a’ chinn cinnidh agus seo mar a thuirt fear dhiubh féin mu’n àite air an robh iad dligheach.
Dlighidh onóir na n- ollamh
A bhith a ccomhaidh re’ h- iarla
Agus cuairt gacha tuaithe
Ceithre uaire sam bliadhna.
Tha sin a’ ciallachadh gum bu dlgheach am bàrd air àite aig bord a’ chinn cinnidh agus air aoidheachd bho’n tuath ceithir uairean sa’bhliadhna.
Cha b’iad na Leodaich agus na Domhnailaich a mhain air a bheil sgeul againn ann am bàrdachd an Eilein. Tha òran sonraichte again anns a bheil iomradh air a thoirt air fear de Chlann Fhionghuin an t-Sratha. Tha cuid a’ smaoineachadh gur h-e Iain Lom a dh’fhag again an t- òran sco ach tha cuid eile de’n bharail nacheil cinnt idir air có a rinn e. Ach ‘s coma, is math is fhiach e a leughadh agus is gasda an t- iomradh a th’againn air cuspair an òrain.
Seo mar a thuirt am bard.
Cha b’e ‘m fasan bh’aig càch
Seo ghlac thu mar ghnàh
Bhith smachdail mu’n mhàl air tuaith.
Dhomhsa h’aithne do bheus
‘N am dol fodha do’n ghréin
Chluinnte farum non teud mu d’chluais.
Bhiodh do ghillean ag òl
Stòip làn ac’ air bòrd
Cuirn airgid ‘nan dòrn mu’n cuairt.
Chaneil sin cho aocoltach ris gach iomradh a th’againn air na teaghlaichean eile a dh’ainmich mi. Ach mar a thachair an Dunbheagain agus an Sleibhte bha atharraichean móra ri thighinn.
Ma bheir sinn sùil air ainmean nam bàrd air a bheil sgeul again anns ant- seachdamh linn deug chi sinn nach e a mhain gun robh àite sònraichte aig na bàird anns na teaghlaichean air an robh mi bruidhinn ach gun robh cuid dhuibh fhéin ri bàrdachd cuideachd. Bha seo fior air feadh na Gaidhealtachd agus anns ‘an t- siathamh agus anns an t- seachdamh linn deug tha againn mar gum b’eadh tri gnethan bardachd. An toiseach tha againn na bàird mhóra no na h- ollamhan mar a thuirt mi roimhe. A ritis mar a chi sinn an ceartuair tha againn na h-oidhirpean a rinn cuid de na teaghlaichean móra fhéin. Tha again cuideachd bardachd a dh’fhaodamaid ainmeachadh air bàird nam bailtean.
Ann an teaghlach an t-Sratha tha againn Lachlainn mac Thearlaich Oig. Bha esan mar a bha an Clarsair Dall fhéin mothachail air na h- atharraichean a bha tighinn air a’ Ghaidhealtachd agus gu h-àraidh air an t-Srath mar a chi sinn bhuaithe seo:
An am togbhai màil do dhùthchannan
Is ‘ga dhtùthachadh riut fhéin
Bhiomaid air ‘nar stiùbhartan
Is ‘nar trùr gum biomaid réidh.
Cha do thog sinn, riamh bó Shamhna dhuit
An am Bealltainn cha do léibh
Cha mho thug oich air tuathanach
Bu mhò do thruas ri’m feum
Bha an duine ud ‘na charaid dhomh
Is cha char dhomh chliù a sheinn,
Mus can càch gur brosgull e
Leig thairis e ‘na thim
Do bhàs a dh’fhàg mi muladach
is ann chluinnear a’s gach tir
Cha b’iongnadh mi ‘gad ionndrainn
An am cùnntas thoirt san t- sum.
Bhuaithe sco saoilidh mi gu bheil e gu math soilleir dhuinn mar a cùisean san Eilean roimh dheireadh na sechdamh linn deug.
Ach bha fear de na Domhnallaich cuideachd ri bàrlachd. B’e seo Gilleasbuig no an Ciaran Mabach air a bheil cùnntas againn mu mheadhon na seachdamh linne deug. Tha Iain Lom a’ toirt cùnntas airsan mar seo:
Slan fo d’thriall a Chiarain Mhabaich,
Shiùbhladh sliabh gun bhiadh gun chadal:
Fraoch fo d’shròin gun bhòsd gun bhagradh;
Chuir thu ceò fo’n ròiseal bhradaich.Rinn thu moch eirigh Di-Dòmhnaich.
Cha b’ann gu’n aitreabh a chòmhdach
Thoirt a mach nan cas cheum dòight’
Chur sradag fo bhraclaich na feòla.
Choisinn e an t- iomradh seo a chionn ‘s gun robh làmh aige ann a bhith a’ toirt a mach an aicheamhail air murtairean na Ceapaich. Chaneil air sgeul ach fior bheagan de’n bhardachd aige fhéin ach is gasda an dealbh a dh’fhàg e againn anns na briathran seo:
Nuair a thigeadh am foghar
Bu bhinn leam gleadhar do chléibh
Dol a ghabhail a’ chrònain
Air a’ mhointich bhuig réidh
Dol an coinneimh do leannain
Bu ghile feaman is céir;
Gur h-i ‘n eilid bu bhoidhche
‘S bu bhrisge lòghmhora ceum.
Tha e air a radh cuideachd gur h- e a rinn am marbhrann a leanas an uair a chaochail a bhrathair Sir Seumas anns a’ bhliadhna 1678.
Fàth m’acainn ‘s mo thùrsa
Nach dùisgear le teud thu
No le torghan na fidhle
Mo dhìobhail ‘s mo léir chreach
Fhir a chumadh I dionach
Dh’aindeoin siantan ‘gan éireadh:
‘N diugh fo leacainn na h- ùrach
Gun mo dhiùl ri thu éirigh.
Mar a thuirt n’i mar tha, tha gne bàrdachd eile againn agus cha tigeadh dhuinn a bhith smaoineachadh gur ann air àrainn nan taighean móra a mhain a gheibhte bàrdachd agus ceól. Chaneil teagamh air nach robh bàird anns na bailtean thall sa bhos mar a th’ann an diugh, agus barrachd sa tha ann an diugh. Chaneil e cho soirbh ainm a chur orrasan ach an diugh tha sgeul air beagan co dhiubh de shaothair nam bàrd sin. Is iad seo an treas gne agus tha iadsan a’ toirt dhuinn iomraidhean taitneach air doigh beatha an t-sluaigh a nuas troimh na linntinn.
Chaneil àite agamsa an seo gu bhith a’ meòmhrachadh air a ghne bàrdachd seo, ach faodaidh mi a radh gum faigh sinn ‘nam measg seo dealbh ghasda air na linntinn a dh’fhalbh. Ma tha dh.ith oirnn iomradh coimhlionta a thoirt air na linntinn sin thigeadh dhuinn sùil a thoirt air saothair nam bàrd sin. Dh’fhaodainn seo a radh cuideachd gu bheil a bhuaidh orra a bhith sìmplidh am briathran agus an smuam agus réidh, siùbhlach an rannaigheacht Tha iad gun teagamh sam bith ‘nan dìleab cho luachmhor sa th’againn agus b’e ‘n call nach cluinn sinn iad nas trice na thu sinn a’ deanamh San latha ‘n diugh.