Caoidh Mathar Air Leanaban Og le Murchadh Domhnullach (Leodhas is Cuibec).

O dh’fhalbh thu m’àilleagan beag gaòil;
Do ghuth, a ghaòil, tha sinn ri caoidh;
Tha d’àit ‘n ar dachaidh falamh fuar,
‘S cha tig na lionas suas e chaoidh.
‘S e Dia, ‘na ghliocas, thug air ais
Na thug e dhuinn le mais’ is gràdh.
‘S ged tha do chorp ‘na luidhe seimh,
Tha d’anam shuas an néimh ri tàmh.

Cha chluinn mi tuilleadh fuaim do ghàir’;
Do cheileir gràidh cha tog mo chridh’;
Ged dh’éigheas ml air d’ainm, a ruin,
Do ghuth beag ciuin cha fhreagar mi.
‘S ann thugadh uam thu leis a’ bhàs
Ma’s d’fhuair thu anns an fhàsach freumh;
Ach chaidh do chuir le Righ na Glòir
A’ measg nan ròs, an Gàradh Néimh.

Is ged tha fhios agam, a luaidh,
Gu bheil thu shuas an Tir na Sith,
Chan urrainn dhomh-sa sguir ‘g ad chaoidh
Gach Ia is òidhch’ o’n dh’fhag thu mi.
Ach ciod an cùram th’aig a’ bhàs
Bhi faicinn mathair air a claoidh;
No’n uaigh, cha ghabh i iochd no truas,
Ri deòir mo ghruaidh, a luaidh, ‘gad chaoidh.

Ach ‘s buanachdail dhuit falbh, a ghràidh,
Is seachnadh àmhgharan an t-saoghail:
Ged b’eiginn do chuir sios do’n uaigh,
A’ ni bha cruaidh le Iuchd do ghàòil.
Ach fhuair thu gealladh bàigheal, buan,
Bho Righ nan, Slogh nuair thuirt E,
“0 thigibh! thigibh! a leanabain òg,
Is sibh-s’ is mò tha rioghachd Dhe.”

O dh’fhalbh thu m’àilleagan beag gaoil,
Is dh’fhàg thu mise, ghaoil, fo leòn.
Gach là is òidhch’ o’n dh’fhàg thu mi,
Mo chridh’ ga thaomadh mach le bròn.
Chan fhaic mi nise d’ionad tàmh
A’ measg nan reult, is dealrach soills’;
An cluinn thu mi, ‘s mo chridhe ‘ga chràidh,
‘Gad chaoidh, mo ghràidh, gach là is òidhch.’