When I look at the badge in my bonnet …
Chan eil uair a sheallas mi ris an bhràist ‘nam bhoinead agus a chi mi na facail, Air Muir ‘S air Tir, agus an làmh le gréim teann aic’ air crois, nach saoil mi gur h-e facail uasal mor-chuiseach a th’annta, eadhoin air son Chlann Domhnuill.
Is cinnteach gu robh ùghdarras nach bu hheag aig Clann Domhnuill air iomadh cinneadh ma’s do ghabh jad dhaibh fhein na facail bhosdail àrdanach sin mar fhacail-suaicheantais, no bha beachd do-abhaisteach aca air an comas fhéin.
Bha iad ‘gan cunntadh fhéin rioghail agus chan cit teagamh sam bith nach robh iad anna sin. Tha an cuid fola gus an la an diugh anns an teaghlach rioghail againn fhein, agus nuair a ghabhas an Bhann-righinn Ealasaid cuairt suas oirthir siar ar dùthcha, air an t-samhradh so, tha i siubhal astar a sinnsearachd.
Chaill Clann Domhnuill an t-ait ard cliuiteach a bha aca, ach is tric a smaoinich mi nach b’e cinneadh a ghabh an àit’ agus a ghléidh gu priseal, neo-thruaillichte am facail-suaicheantais, ach iasgairean nan Eilean. An àite na croise obuireadli iadsan, is docha, falmadair.
Gach uair a shuidheas mi os ceann Cladach Ghiordail agus an Loch a Tuath sinte mach mu m’ choinneamh, saoilidh mi gum bu choir dbomb fhaicinn fhathast na gaisgich chalma threun a chleachd a bhith ‘g iasgach macb as a sin le sgothan Niseach, eadhraichean a bha cho briagha, deanta agus comhlionta agus a bha na fir a sheòl iad. Bha toiseach àrd air gach té dhiubh agus sliasaid fharsuing a ghreimicheadh ri fairge. Chuala mi, ‘s cha b’ann aon uair, nach d’theach sgoth a riamh as an rathad mur do ghabh a muir as a deigh.
Nach tric a chunnaic mi na h-iasgairean le’n aodach mara, botannan mòra leathair gu ceann an sliosaidean, briogais chanabhais a ruigeadh fo’n achlais gu’n calpan, ùilliscein air muin geansaidh is peitean mòr, agus ad-uilliscein air an ceann, aodach a bha dionach is blath, direadh as an chladach so le ceum trom sgith, an deigh thighinn dhachaidh bho’n t-Sruth, shios faisg air an Bhuta Leodhais, far an robh iad le na linn-mhoir aig iasgach. Nach iomadh cruadal is teanntachd ri na chothaich iad; geamhraidh choimheach; doinion an Fhaoilitich; comhstri nan stuadh; fairge iarrtach, an-iochdmhor. Cha robh moran chidheachan ann agus air an aobhar sin bha cunnairt aca gus an robh an sgoth air cruas a’ chladaich. Is iargalt ràn na mara nuair tha beatha dhaoine ann an gàbhadh. B’ann le neairt an droma a chuireadh na h-eadhraichean air lonnan gu sàl, agus bha’n aon tharruing ri dheanamh nuair a thilleadh iad o na mara, sgith is fann. Cha robh e idir furasd’ sgoth a’ thoirt troimh an mhuir-bhriste nuair a bhiadh an ghaoth air aghaidh a’ chladaich.
Bha e mar fhasan aig sgioba gach sgoth taghadh an sgiobair fhein. Cha b’e a h-uile duine a dheidheadh a thaghadh air son sgiobaireacd. Dh’feumadh a bhith mach as an t-sreath. Air la briagha, seimh, samhraidh, cha robh fear nach stiuradh, ach cha b’e sin sgiobaireacd. ‘S ann a bhathas an tòir air duine a lamhsaicheadh an t-eadhar, an laithean stoirmeil na bliadhna; duine ris an earb-te beatha dhaoine; fior dhuine, mor-inntinneach, sgileil, tuigseach, aig an robh eòlas-mara iongantach, agus a bha séolta is misneachail ann an an-àm; faicilleach nuair a bhiodh feum air faiceal, acb dana, is adhairteach, nuair bhiodh feum air sin.
Sin na buadhan a bhathas aig iarraidh ann an sgiobair agus fhuaireadh iad ann an iomadach fear, nach eil moran dh’an seorsa ri fhaicinn an diugh, a thug am beò-shlaint’ as a’ chuan, air cho fiadhaich ‘s g ‘m biodh e, agus a dh’oibrich an croitean air tir cuideachd, croitean a chladhaich iad fhein a talamh réisg. Air muir no air tir blia iad comasach agus deonach air an teachd-an-tir a chosnadh.
Dh’fhalbh na seoid sin mar a dh’fhalbh an t-iasgach, agus dh’fhalbh an t-iasgach le obair-meirle nan tràlairean grannda, mosach, a spuinn na h-àtean iasgaich. Ruag an obair so barrachd as na h-eileanan na rinn uachdarain a riamh.
Nan caisgeadh ar luchd-riaghlaidh, ni nach dean iad, Tràlairean bho sgriobadh air son iasg eadar am Parbh agus Ceann Bharraidh, cha b’fhada gu’n tilleadh an t-iasg dh’an na lochan mar a b’abhaist.
Dh’fhalbh na seann laoich agus an cuid sgoth, mar h-eil te air fhagail an sud ‘s an so, mar an Ribhinn Og. ‘S ann ainneamh a chithear eadhar-siuil air sàl.
Sgapadh an teaghlaichean air feadh an t-saoghail, mar a rinn Clann Domhnuill. Ach aon ni tha mi cinnteach as agus ‘s e so, gu’n dean iad dichioll chruaidh air son am bith-beò, ge b’e àit’ sam bi iad, air muir, air tir no anns an adhar, agus nach nàraich, ‘s nach maslaich iad an cairdean ‘s an luchd-duthcha.