Leabhraichean Chlann Raghnaill By Professor William Gillies Department of Celtic, University of Edinburgh

Bidh cuimhne aig luchd leughaidh Irisleabhar Chlann Domhnaill air an aiste “In search of the Red Book of Clanranald” a chuir Raghnall Mac ‘ille Dhuibh an clò bho chionn beagan bhliadhnaichean air ais (faic Iris 8 (1979), 43-51), anns an do chruinnich e na bha ii thaotainn mun “Leabhar Dhearg” a chàidh air iomrall agus mun “Leabhar Chlann Raghnaill” a tha againn. Math dh’thaodte gun tug iad an aire cuideachd gu bheil iomradh aig lain Mac ‘ille na Brataich air an Leabhar Dhubh anns an obair aige The Beatons (Dun Eideann 1986 faic gu h-araidh t d 16 20) Mheudaich an dithis seo, comhla ri caochladh sgoilearan eile, ar n-eòlas mu eachdraidh Leabhraichean Chlann Raghnaill; agus tha ihios gum bi tuilleadh ri ràdh air a’ chuspair aig Mgr. Mac ‘ille Dhuibh anns a’ Chlàr Làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig a tha e an dràsda a’ deasachadh do dh’Urrasairean Leabharlann Nàiseanta na h-Alba: faic “The Gaelic Manuscripts of Scotland”, ann an Alba agus a’ Ghaidhlig (deas. W. Gillies, Dùn Eideann, 1989), t.d. 146-74.

Is ann air an stuth a tha san dà làmh-sgrìobhainn iomraiteach seo a tha mi thin ag obair – obair anns an robh mi an sàs treis mhath -se sin na h-eachdraidhean agus a’ bhardachd is eile a tha annta. Tha dûil agam a-nis an stuth sin fhoillseachadh an ùine nach bi ro­mhór. Anns an earrainn a leanas tha mi a’ dol a ràdh beagan mun obair agam agus mu dhreach an leabhair a thig a-mach air a sàilibh. Mun tòisich mi air sin, ge tà, is fhearr dhomh rud beag a mhìneachadh: ged a tha sinn a’ tuigsinn nach e an Leabhar Dearg a tha againn an diugh an “Leabhar Dearg Chlann Raghnaill” a bhathar a’ creidsinn a bha ann, agus nach ann do Chloinn Raghnaill a bhuineas an Leabhar Dubh anns a’ cheud dol a-mach, bidh mi anns an aiste seo a’ toirt aon char eile as na h-ainmean stéidhichte.

Tòisichidh mi, ma tà, le cunntas aithghearr air cur ri chèile an Leabhair Dheirg agus an Leabhair Dhuibh. Tha e coltach gun do sgrìobhadh a’ cheud thear (no a’ chuid as motha dheth) le Niall Mac Mhuinch, bard oifigeil Mhic ‘ic Ailein, timcheall air 1700. (Gheibhear iomradh air Niall agus air a shaothair aig an 011. Derick Thomson ann an “The Poetiy of Niall MacMhuirich”, Transactions of the Gaelic Society of Inverness, 46(1970), 281-307.) Se bha fa-near do Niall eachdraidh Chlann Raghnaill a chur sios, an dà chuid mar chuimhneachan air beatha agus gnìomhan uachdarain Chlann

Domhnaill agus Chlann Raghnaill troimh na linntean, agus (aid a bha cha mhòr a cheart cho cudthromach dha-san) airson balla­dìon a thogail an aghaiðh luchd-eachdraidh eile a bha, ar leis, a’ dèanamh leth-breith air Chloinn Domhnaill. ‘Nam measg sin tha e inntinneach ainm Sheòrais Bhochanain (George Buchanan) fhaicinn: fiù ‘s aig an am sin, tuigidh sinn, dh’fhaodadh sealladh a’ Ghoul air a’ Ghàidheal bualadh air an dòigh anns an robh an Gàidheal ‘ga mheas them. Co dhiùbh, thug Niall a-steach don leabhar aige stuth a thog e á làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig cue -cunntais air na Meadhon Aoisean air Ghàidhealtchd agus bardachd cùirte a rinneadh do na cinn-theadhna – agus, gu h­àraidh airson nan linntean a b’thaisge air a latha fhein, seanchas a gheibhte, is dòcha, bho bheul-aithris. An uair a ràinig an sgeulachd a linn ‘s a chuimhne fhéin (Se sin bho mheadhon an l7amh linn deug) b’urrainn dha tarraing as na chunnaic agus na chuala e ‘na òige agus bhon am sin gu am sgrìobhaidh an Leabhair. A bharrachd air seo sgrìobh Niall sios roinn de dhàin eile san Leabhar Dhearg, agus sgrìobh cuid-eigin eile bardachd ann cuideachd an déidh bàs Néill – anns na 1720an a réir choltais.

Tha stuth an Leabhair Dhuibh gu math nas sgaoilte ‘na ghnè. Tha lethbhreac ann de dh’eachdraidh Chlann Domhnaill, air a thogail gun eaðraiginn as an Leabhar Dhearg à-réir gach coltais, ach le tomhas de dh’atharrachaidhean a rinneadh leis an sgriobhadair: pìosan air am fàgail as agus fiosrachadh eile air a shadadh a-steach an siod ‘s an seo. Tha bardachd Ghàidhlig áEirinn agus á Albainn ann cuideachd, agus gu leòr de stuth eile am Beurla agus an Laideann. Thathar a’ dèanamh a-mach gur h-e Crisdean MacBheatha ainm an thur a sgriobh na h-earrannan anns a bheil ùidh agam-sa den Leabhar Dhubh, gur h-e Peutanach de chinneadh nan lighichean ainmeil a bha ann, agus gu robh cosnadh aige mar oide-foghluim aig fear de na teaghlaichean Domhnallach a bha còmhnaidh ann an ceann a-math na h­Eireann. Is dòcha gun robh oideachas òigridh an teaghlaich sin a’ gabhail a-steach seanchas an sinnsirean ann an Albainn, agus gur h-e sin as coireach gum bi cunntas an Leabhair Dhuibh a’ gearradh as mion-phuingean a bhuineas ri eachdraidh nan Eilean agus aig an aon am a’ cur barrachd cudthrom air Clann Domhnaill ann an Eirinn na tha cunntas Néill ‘ic Mhuirich. Se fear de na deifearan as motha a tha eadar an dà làmh-sgrìobhainn san taobh seo nach do dh’fhàg Crisdean a-staigh na marbhrannan a chuir Niall a-steach mar annlann air a’ chunntas pròis aige.

Is iad na h-eachdraidhean (agus a’ bhardachd) a bhuineas ri Clann Domhnaill am prìomh-chuspair rannsachaidh a tha agam­sa. Tha aithris Neill ‘ic Mhuirich, mar a tha e againn anns an Leabhar Dhearg agus anns an Leabhar Dhubh, ‘gar toirt air ais gu linn Shomhairle Mhic Gille-Bhrìde (se sin gu meadhon an dara linn deug). Air dhòigh. tha an aithris aige a’ tòiseachadh gu math nas tràithe na sin, l eis an Eachdraidh-bhreige mu theachd nan Gàidheal gu Eirinn o shean, agus leis an t-seanchas mu dhèidhinn tuineachadh sìol  Cholla Uais an Al bainn. Ach is ann mar thianais air uaisl e sloinneadh Chlann Domhnail l a tha an stuth seo a’ nochdadh: nàdur de Roimh-ràdha a leigeas thaicinn gu bheil  iad seo air an theadhainn as àirde inbhe ann an saoghal  luchd­foghl uim nan Gàidheal . CO dhiùbh, tha an “eachdraidh eachdraidheil” (ma dh’fhaodas mi a chur mar sin) a’ tòiseachadh l e Somhairl e agus a’ l eantainn beatha agus gnìomhan gach ceannaird a thàinig as a dhèidh gu bàthadh Tighearnas nan Eilean agus an uair-sin sios gu deireadh an t-seachdamh l inn deug. Tha tomhas math de nàdur a’ chroinigeil ‘na ghnè, gu h-àraidh anns na ceud earrannan; ach aig a’ cheann thal l tha bias neo-chumanta air aithris an Leabhair Dheirg seach a’ mhoì-chuid den t-seòrsa ud, aig cho pearsanta beothail  ‘s a tha teisteanas Neill  – mar eisimpleir ann a bhith a’ deiligeadh ri cogadh Alasdair mhic Cotta agus Mhuntróis – agus aig cho soirbheachail ‘s a bha an deuchainn ùr a rinn e ann a bhith measgachadh bardachd is eachdraidh anns na h-earrannan a tha aige air Tighearnas nan Eilean.

Tha iomadach ceist ri fuasgladh aig fear deasachaidh theagsaichean á làmh-sgriobhainnean mum faigh e air aon loighne a sgriobhadh a-mach anns an dòigh sam bi e a’ nochdadh aig a’ cheann thail . Saoil am bu chòir dha bhith cho dìleas ‘s as urrainn dha don làmh-sgrìobhainn no cho cuideachail ‘s a ghabhas don l uchd-leughaiðh? An uair a tha roghainn ann, am bu chòir dha facail an Oghdair no facail an sgrìobhadair a riochdachadh? De na bheir a seachad de mhìneachadh agus có dhà a bheir e sin – do sgoil earan eile no don “leughadair choitcheann” nach cii idir cho foghluimte fiosrachail mun chuspair? Bu toigh team a-nise beagan a ràdh mu chuid de na ceistean sònraichte a dh’éirich anns an obair agam fhìn, agus na dòighean san do threagair mi iad.

B’i a’ cheud cheist mhór, dé an ordugh a chuirinn air an stuth a bha mi dol a dh’flioil l seachadh. Thàining atharrachadh inntinn orm turus no dhà bho thòisich mi air an obair seo, caochladh bhl iadhnaichean air ais; ach tha mi nise cur romham mar gum b’e “Leabhar Neill  ‘ic Mhuirich” a chur air beulaibh an t-saoghail. Tha sin them a’ freagairt aon sreath de cheistean cue: is e an Leabhar Dearg am bun-teags a tha agam san tharsaingeachd, ged a dh’fheumas sinn a bhith an eisimeil air an Leabhar Dhubh far a bheil an Leabhar Dearg a dhìth oirnn. Thòisich mi, ma tà, leis a’ chunntas eachdraidheil mar a tha e anns an Leabhar Dhearg (a’ gabhail a-steach bardachd agus sloinntireachd). Cha b’fhuilear dhomh dòigh fhaotainn, cuideachd, air leughaidhean an Leabhair Dhuibh a riochdachadh, air chor ‘s gun nochdainn ciamar a tha e air a dheifearachadh on fhear cite. Airson a’ chòrr, roinn mi an stuth a-reir a chuspair agus rangaich mi e a-réir cho dlùth ‘s a bha a. bhuntanas ris a’ phrìomh-chuspair. Seo an rangachadh a bha agam: (1) nithean cue san Leabhar Dhearg co-cheangailte ris a’ phriomh-chuspair, ach a-mhàin gun do chuir Niatl sìos iad, sgapte bho chéile, ann an cùiltean cite air feadh an iàmh-sgriobhainn; (2) nithean cue a sgrìobh Niait san Leabhar Dhearg, nach cit am buntanas aca cho dtùth ris na h-eachdraidhcan aige, ged a tha buntanas air choir-eigin ann. Cha robh mi cho cinnteach aig an thìor thoiseach d~ dhèanainn leis na seòrsachan cite: (3) pìosan a sgrìobhadh a-steach dhan Leabhar Dhearg an deidh bàs Neill ; (4) stuth as an Leabhar Dhubh nach d’fhuaireadh as an Leabhar Dhearg, ach a tha ‘na dheidh sin a’ dol  meadhonach math còmhl a ris; agus (5) stuth nach cil  idir co-cheangailte ri eachdraidh Chl ann Raghnaill ach a-mhàin anns an t-seagh gu bheit e (mar gum b’ann) anns an aon leabaidh ris an eachdraidh sin. Leis an thìrinn innse, chòrdadh e rium thin gle mhath a h-uile dad a chumail a-staigh. Ach dh’theumainn sûil a bhith agam ri meudachd an leabhair: dé chanadh na daoine bha gu chur an clò dhomh? Tha a’ cheist sin an ire mhath fosgaitte thathast. Math dh’thaodte gun nochd na tn seòrsachan mu dheireadh, no cuid dhiubh, ann an clò beag aig deireadh an leabhair; air an làimh cite, tha feadhainn de na nithean seo a tha cho for inntinneach gu bhcil mi titheach air am faicinn an clò leotha fhein.

A thaobh nan ceistean farsaing cite a thàinig orm am fuasgladh mar thear-deasachaidh is fhiach na co-dhùnaidhean a leanas ainmeachadh. Tha Gàidhtig an Leabhair Dheirg agus an Leabhair Dhuibh gu math cadar-dhealaichtc ‘na dreach bho Ghàidhiig an tà an diugh, agus tha litrcachadh caran mi-riaghailteach a’ dùmhlachadh an sgteò a tha cadar i agus teughadair a tha cieachdte ri Gàidhtig an là an diugh a-mhàin. Dh’thaodte an litreachadh a leasachadh air dhòigh ‘s gun tigeadh e nas theàrr ri sùit agus tuigse an leughadair. Ach dh’thàgadh sin gun caillte btas an làmh­sgrìobhainn; agus aig a’ cheart am dh’fheumte atharrachaidhean cite a dhèanamh air a’ chànain them mum biodh a’ Ghàidhlig soilleir gu leòr airson a’ mhór-chuid. Mar sin chuir mi romham litreachadh an làmh-sgrìobhainn a chur an clò (ach giorrachaidhean a tionadh a-mach, pungadh a chur a-steach, agus mearachdan a cheartachadh mar bhios iomchaidh). Mar sin cha bhiodh cùis gearain aig sgoil earan cànain no aig daoine a tha cieachdte ris a’ Ghàidhtig Chlasaigich. Airson gnothaichean a shoiiteireachadh do chàch chuir mi eadar-theangachadh ris – aid a tha àbhaisteach gu leòr ann an teabhraichean bardachd an Scottish Gaelic Texts Society – agus tha nòtaichean agus roimh-ràdha agus faclair agam a chuidicheas an teughadair gu bith dè an Ire aig a bheil e a thaobh tuigse cànain, eachdraidh is cite.

Bha mi fortanach an uair a ghabh mi an obair seo os tàimh gun d’thuair mi bhon Ottamh Kenneth Jackson na nòtaichean aige them agus aig an Ollamh Risteard Best air dèanamh an dà tàmh­sgnìobhainn agus air làmhan sgriobhaidh nam fear a chuir peann nutha. (Bha dûit aig aon am aig an Otlamh Jackson them Leabhraichean Chlann Raghnaill a dheasachadh; dh’iarr e beachdan R.I. Best seach gum b’esan a b’thiosrachaite an Eirinn mu iàmh-sgrìobhainnean Gàidhlig aig an am sin.) Thòisich mi thìn air ballachan a thogail air na làraichean a dh’fhàg na sgoitearan seo romham. Obair thaitneach a bha ann airson a’ chuid a bu mhotha dhith, agus lion mi gu ieòr thoighlichcan leis an stuth a bha mi a’ cruinneachadh – air cànain, ainmean dhaoine is àiteachan, agus eachdraidh, aid sam bith a dh’thaodadh a bhith gu feum dhomh. Mar a b’thaide a chàidh na 8Oan air adhart, ge tà, sann a bu lugha bha mi faighinn de thide airson an stuth seo (agus creid thusa gu robh meatl  dheth agam a-nis!) a chur an altaibh a chèiie. Ach is ann as an thèath a thig an soirbheas: le cuideachadh bho Urras Foghluim Shir lain Domhnallaich thuair mi “bliadhna shàbaideach” bho mo dhrcuchd anns an Oilthigh eadar Foghar 1989 agus Foghar 1990.

Rinn seo deifear glé mhór. Chàidh agam air na teagsaichean gu léir a chur air meanbh-chlàir coimpiùtair, agus air an deasachadh a réir nam pnionnsabailean a dh’ainmich mi shuas. Chuir mi an càrn mòr ud de nòtaichean an òrdugh, agus tha mi nise ‘gan roinn eadar roimh-ràdha, eàrr-nòtaichean is eile. Thàinig deannan math de rudan Ura an àird thad ‘s a bha mi a’ cur nan teagsaichean air coimpiùtar, agus tha mi thathast ag obair air an eadar­theangachadh. Mar sin, cha do ràinig am bàta cala thathast; ach tha i a’ sìneadh air. Mar a thubhairt mi, tha dûil gun nochd an leabhar agam anns an t-sreath ainmeit a bhios a’ tighinn a-mach fo bhratach an Scottish Gaelic Texts Society; tha mi ‘n dòchas gum bi e airiðh air a chuidcachd.

The Books of Clanranald

Recent scholarship includes several works with a bearing on the history of Clan Donald, and a new edition of the Books of Clanranald is planned as a further contribution on that front. The “Red Book”, principally the work of Neil MacVurich, and the “Black Book” with its Antrim connections, are of importance for Highland history down to the end of the seventeenth century in a number of ways. The nature of the material and the relationship between the two manuscripts pose several questions of principle for the prospective editor. The core of the new edition will be “Neil MacVurich’s Book” – the history of his patrons’ people in the form in which he wanted to present it. Neil’s Gaelic is the old literary language, although his style is relatively simple. For this reason, and because of the interest of the Clan Donald histories to many who are not specialists in early Gaelic, a translation is being added and will appear en face. The text as published will also be fully annotated and indexed. Work on the new edition was greatly expedited by a grant from the Sir John MacDonald Educational Trust, which enabled the editor to take sabbatical leave during the academic year 1989-90. As a result, work is now at an advanced stage: it is expected that the book will be published by the Scottish Gaelic Texts Society, hopefully during the coming year.