Mu dhà uair feasgar Di-ceudain an 16 mh làtha deug de’n Ghiblean 1746 bha Blàr Chuil-lodair seachad, agus b’fhéudar dòn Phrionnsa a chùl a chuir ris an raoin, agus aghaidh a chur an Iar.
Bha còmhlan beag na chois, agus an ceann coig laithean ràinig iad Borghadal (dluth do Loch nan Uamh) far an do choinnich am Prionnsa ri Dòmhnull MacLeòid a Galtraigill ‘s an Eilean Sgiathanach, a’ fear a bha gu bhith na Fhear-Iùil dhà fad na seachd Seachduinean a bha ri tighinn.
Bha toil aig a’ Phrionnsa Dòmhnull a chur dh’an Eilean Sgiathanach Ie litrichean gu Dòmhnullach Shleíbhte agus MacLeòid Dhunbheagain. B’e seò a cheud ghnothaich a bu mhath leis a Phrionnsa Dòmhnull a ghàbhail as laimh. Tha mi cinnteach nuair a chluinneas iad gu bheil mi sa chearn seò gun cuidich iad mi ars’ am Prionnsa.
B’e siud aon obair nach gabhadh Dòmhnull as laimh a dheanamh air chor sam bith. Tha cheart dithis sin aig an am seò glé thrang a coimhead air do shon arsa Dòmhnull. ‘Nuair a chuala am Prionnsa dé bh’aig Dòmhnull ri ràdh cha robh air ach déisealachd a dheanamh airson a dhol dh’an Eilean Fhada an dòchas gum faigheadh iad Soitheach a bhéireadh am Prionnsa air ais dh’an Fhraing.
Aig ciaradh an fheasgair, Di-sàthrurne 26 làtha de’n Ghibhlean chaidh éithear fosgailte Ic ochd raimh a chur air bhog, agus a sròn a chur an Iar Ie Dòmhnull MacLeòid aig an stiùir.
Air bòrd bha am Prionnsa, Iain Ó’Sullibhean, Felix Ó’Neill, agus Ailean Dòmhnullach, pears’ Eaglais. Am measg an fheadhainn a bha san sgioba bha balach aois cóig bliadhna deug (mac do Dhòmhnull fhéin) agus am bard Mac Mhaighstear Alasdair.
Glé thràth an ath mhadainn an déidh oidhche ghailbheach a chur seachd a dol tarsuinn a Chuan Sgith ràinig iad Roisinnis am Béinn nam Faoghla fliuch fuar agus acrach. Bha iad a tiormachadh an cuid aodaich aig bothan beag os cionn a chladaich ‘nuair a thug fear de bhuachaillean Chlann Ràghaill (a bha gabhail an rathaid aig an am) an aire dhaibh. Chaidh esan gun mhaill gu a mhaighstir ann am Baile na Caillich, a bha mu sheachd mìle air falbh, a dhinnseadh dha mu na coigrich a chunnaic e.
Mar nach do dh’iar scalth bha an t-Urramach Iain MacArnhlaidh ministear an t-Soisgeil an Uibhist a Deas, agus Niall MacEachainn am Maighistear Sgoile air aoidheachd aig Clann Raghaill.
Be MacAmhlaidh a nis an cnap-starradh, oir bha athair an t-Urramach Amhlaidh MacAmhlaidh na Mhinistear ‘s na Hearadh.
Dhinnis am buachaille d’a Mhaighstir mu na coigrich a chunnaic e. Bha amharus aig Clann Ràghaill gum faodadh am Prionnsa bhi nam measg, agus chan ‘eil teagamh sam bith nach robh an t-Urramach Iain de’n cheart bharail. Chuala iad uile dé thachair air raoin Chiùl-lodair, agus cuideachd gu robh am Prionnsa na fhògarrach. Gun fhios do’n Mhinistear chuir Clan Ràghaill aon de sheirbheisich air falbh gus an tuilleadh fiosrachadh fhaotainn, agus rinn am Ministear a cheart ni; chuir esan a sheirbheiseach fhéin air falbh. Thill an dithis ud leis an aon sgeúl; bha am Prionnsa sud ceart gu leòr, agus gun robh e air son Clann Rághaill fhaicinn.
Thog Clann Righaill agus Niall MacEachainn orra le chéile gu Roisinnis, agus b’e brigh an còmhraidh gum b’fheàrr do’n Phrionnsa agus an fheadhainn a bha còmhla ris an aghaidh a chur air Steòrnabhagh gun dàil, far am faodadh iad soitheach fhaotainn a bheireadh dhan Fhraing e. Sin mar a thachair, agus bha aca ri ràdh gun deach an soitheach aca fhéin as an rathad air an Du-Irtich, ‘s iad a nis a coimhead air son bàta éile a bheireadh luchd míne a Arcaidh, agus ma’s a b’fhior b’e O’Sullivan an Caiptin. Fhuair an t-Urramach Iain MacAmhlaidh dòigh is rathad air fios a chur gu a athair ‘s na Hearadh gu robh am Prionnsa Teàrlach air a ràthad gu Steòrnabhagh.
Aig tuiteam na h-Oidhche air an 29 làtha dh’an Ghiblean thog iad orra, agus glé thràth ‘sa mhaduinn thug Dòmhnull MacLeòid am Prionnsa ‘s na bha còmhla ris gu taigh Dhòmhnuill Chaimbeul tuathanach an Eilean, far an d’fhuair iad gabhail aca glé mhath bho Dhòmnhnull ‘s a chéile.
Maduinn an ath-lath a cheud làtha dh’an Chéitein thog MacLeòid air gu Steòrnabhagh fiach a’ faigheadh e bàta. Dh’fhàg e am Prionnsa ‘sa chuideachd air cùram a Chaimbeulaich.
Chuala an t-Urramach Amhlaidh mu’n éithear a thainig do Scalpaidh, agus gun móran dàill thog esan air dh’an Eilean ud. Thug e leis daoine tapaidh chum am Prionnsa ghlacadh, ach cha deachaidh leòtha; sheas an Caimbeulach nan aghaidh.
Air an treas làtha dh’an Chéitean fhuaraidh fios bho MhacLeòid gun robh gealladh aig air bàta, agus an ath làtha dh’fhàg am Prionnsa ‘S na bha còmhla ris Scalpaidh.
Nuair a chuala uaislean Baile Steòrnabhaigh gu robh am Prionnsa faisg air laimh; bàta cha toireadh iad dhà, agus chaidh iarraidh air MacLeòid am Prionnsa thoirt air falbh. Sin mar a thachair agus bha am Prionnsa ‘s na bha còmhla ris ais ann am Béinn nam Faoghla air II làtha dh’an Chéitean. Air iarrtus Clann Ràghaill thug Niall MacEachainn am Prionnsa gu àite uaigneach an Uibhist a Deas far an do chiur e seachad dà làtha thar fhichead ann an taigh beag dubh. Bha nis an t’àite a cur thairis leis na Saighdearan Dearga, agus air son tearuinnteachd a Prionnsa b’fheúdar dhaibh uile dealachadh ris; gach fear air a shon fhéin.
Bha Dòmhnull MacLeòid ga flialach fhéin a suid ‘s a seò air feadh na àite, ach mu dheireadh thall chaidh a chur an gréim le Eileanach eile: Ailean Dòòmhnullach (Ailean a Chnuic) a Sléibhte. Bha Ailean ‘na Oifigeach air ceann buidheann shaighdearan a bha còmhead air son a Phrionnsa, duine cho suarach ‘s a chuir cas riamh am broig thuirt Dòmhnull. Thachair seò air a Choigeabh làtha dh’an luchair.
A Beinn nam Faoghla chaidh Dòmhnull a thoirt do Bharraidh ‘n a phriosanach ‘s as a sin gu Portigh, agus an dèidh sin cho na Comraich far an deach a chur air bòrd na Long Chogaidh Furnace. bha an Seanalair Caimbeul air bòrd, is esan a bha air ceann an Airm air taobh an Iar Alba.
Cheasnaich an Seanalair Caimbeul Dòmhnull air bòrd na Long Chogaidh seò; dh’aidich Dòmhnull gu robh e còmhla ris a Phrionnsa ceart gu leòir ach cha b’urrainn dha ràdh le cinnt càit an robh e aig a cheart mhionaid seò. Cha robh dad aig Dòmhnull ri ràdh an aghaidh an t-Seanalair, bha cuisean gu math fhad’s a bha esan bòrd, ach aon uair ‘s gun do dh’fhalbh e thainig atharrachadh air gnothaichean. Bha Sgiobair na Furnace (Iain MacFhearghais as Old Meldrum na dhuine aig nach robh faireachadh do neach air thalmh.
Bha moran againn air bòrd, arsa Dòmhnull agus sinn air ar cumail ann an toll dubh dorcha gun leus soluis ri fhaicinn. Bha sinn a faighinn a mach as an toll ud air son aon uair a thide gach maduinn, agus sin, measg chaorach a bh’air bòrd. Bha an Gunna caol ri ar sròin fad na h-uine. Bha dithis eile as an Eilean Sgiathanach cómhla ri Dòmhnull air bord; MacFhionghuin an t-Sratha, agus Calum MacLeòid. Bha am beagan bidh a bha sinn a faotainn air a thoirt thugainn ann an cuinneagan salach agus sgioba a bhàta air son spòrs dhaibh fhéin a deanamh an cuid uisge annta ma choinneimh ar sùilean, agus sinne aig a cheart am a bàsachadh leis an acras. B’ e siud ar càradh arsa Dòmhnull fhad’s a bha sinn a seòladh timcheall nan cladaichean bhon Cheud Làtha de Lùnasdal 1746 gus an Naoidheamh làtha dh’an Ghiblean 1747.
‘S ann mu’n am seò a ràinig a’ Furnace bun amhuinn Lunnainn, agus an sin chaidh an cur air bòrd soitheach eile (James and Mary) ach bha i seò na bu mhiosa na an t-éile. Gu fortanach cha robh iad glé fhada anns a’ bhàta seò’nuair chaidh an cur gu tir. Air tir bha Dòmhnull air cùram fear do’m b’ainm Maighstir Dick. Co dhiù cha b’fhada gus an d’fhuair Dòmhnull cead a choise, ach b’fhèudar dha fuireach greas an Lunnainn. Bha aobhar na dhà air a sin. Bha Dòmhnull a nis a srep ri aois a gheallaidh, agus leis na dh’fhuiling e fad nan deich miosan a chaidh seachad bha e glé lag air son na slighe bh’air thoiseach air, agus cuideachd ri moran a bha air son caoibhneis agus spéis a nochdadh dha a chionn ‘s gun robh e dileas dh’an Phrionnsa Teàrlach.
Thug fear Iain Walkinshaw (Albannach a bha nis a còmhnuidh an Lunnainn) bocsa snaoisein airgid do Dhòmhnull. Air uachdar a bhocsa bha cruth duine air bòrd éithear ‘s e na shuidhe aig an stiùir.
Mu dhéireadh chuir Domhnull a chul ris a bhaile mhór, agus chi sinn e an Lite air an 17 làtha de Lunasdal agus e a measg móran chairdean. Nam measg bha an t-Easbuig Forbes.
Thug Dòmhnull cunntais mhionaideach dh’an Easbuig air gach aite anns an robh e agus air a thachartasan fad na h-uine bha e còmhla ris a Phrionnsa. Tha huile facal a thuirt Dòmhnull sgriobhte anns na leabhraichean ainmeil sin “The Lyon in Mourning“.
Air an trieabh làtha fichead de’n Dàmhair dh’hhàg Dòmhnull Lìte, ‘s chuir e aghaidh air Eilean a Cheo, ach mu’n d’fhag e chuir an t-Easbuig deich Puinnd Shasannach na dhòrn.
Cha b’fhada gus an robh Dòmhnull air ais aig a dhachaidh còmhla ri bhean ‘s ri theaghlach, ach mu’n do ruith a bhliadhna bhris air a shlàinte agus chaochail e ‘s an t-Sultuinn 1749, aig aois tri fichead bliadhna ‘s a dhà dheug.
Tha mise creidsinn gur iomadh fear is té sean is òg ‘s an Eilean Sgiathanach a dh’éisd a rithist is a rithist ri sgéul Dhòmhnuill MhicLeòid mu Bhliadhna Phrionnsa, agus air a h-ath aithris le bodaich eile; mar a thuirt am Bàrd Niall MacLeòid; “bhiodh gach Seanair aosmhor liath ‘g innseadh sgeulachdan gun ghò.”