Geordie the brown pony was useless for work on the croft but all his long life he was the pet of Catriona and John.
B’e madainn Earraich a bh’ann, agus le soirbheas gasda air a’ ghaoith, bha an sgoth Niseach, An Ribhinn Og, a’ dluthachadh ri port Sheabhail, agus i a’ tighinn dhachaidh o na linn-mhora.
‘Nuair rainig i cul na sualaichean, thugadh a h-aodach dhith, agus chàireadh an seòl, comhla ris a crann, ‘na toiseach, agus nuair bha gach ball an deagh ordugh, shuldhich ceathar iad fhein aig na raimh, chaidh dithis cile d’a deireadh, agus shocraich Iain Macleoid a fhein, gu breagha doigheil, air a gualainn agus am peantair aige ‘na laimh.
Bha Iain, ged a bha aire gu faicilleach air obair, a’ toirt suil gheur. an drasda ‘s a ris, gus am faiceadh e co o bha a’ feitheamh ris air a’ chladach. Bha fios aige nach bodh a bhean, Catriona, ann co-dhiu, bhur bha duil airge ri leanath la sam bith.
Cho luath ‘sa bhuail a saidh-thoisichan traigh, leum Iain a mach, agus rinn e air tir leis a’ pheantair. Ghreas oganaich ‘na choinneamh troimh an tanalach; thug iad bhuaithe am peantair, agus ‘nuair rinn esan air son tilleadh air ais gu cur a dhruim ris an sgoth, gu bruthadh gu tir, chuala e athair-ceile ag eigheach – “Trobhad Iain! fag an coir aig cach!”
Chlisg a chridhe. Dh’aithnich e air ball gu robh rud-eiginn cearr aig a dhachaidh, agus rinn e air a’ bhodach.
“Catriona?” dh’ fheoraich e.
“Seadh, a mhic. Tha feum ort aig an tigh. Tha Catriona glé bhochd.”
Ghreas Iain suas na bancannan gainmhich agus tarsuing a’ mhachair cho luath agus a dheidheadh aig’ air, gus an d’rainig e a dhachaidh far an do cyhoinnich a mhathair ris aig an staraich, agus rug i air ghairdean air.
“Thig a steach agus gabh greim bidlie,” ars’ ise “bhur feumaidh tu falbh a Steornabhagh gu grad, a dh’iarradh dotair do Chatriona, bhur tha i an trioblaid chloinne o ‘n raoir. Chan urrain do Iseabail Uilleim, a’ bhean-ghluine, ni tuilleadh a dheanamh gu cuideachadh.”
Chaidh e steach agus thilg e dheth a bhotan-mora, agus chaidh e suas air ceann a dha stocain do’n chluaisd.
Dh’fhosgail Catriona a suilean ‘nuair thainig a faisg oirre; chrath i aceann ach cha tuirt i smid.
Chuir esan a lamh air a bathais, bathais a bha bog, fliuch le braon fallais, chrom e sios gu pogadh, agus thuirt e rithe-
“Bheir mise an dotair a Steornabhagh cho luath ‘S a ghabhas deanamh.” agus rinn e air an dorus.
Bha biadh aig a mhathair deas air a’ bhord ach cha ghabhadh e pioc.
“Cait eil an t-each donn? Chan cil ocras orm ach cabbaig. Cait eil an t-each donn.”
“Tha t-athair-ceile a’ feitheamh nut leis aig a’ gheat, ach nach gabh thu blasd bidhe?”
Cha d’thug e freagairt dhith; chuir e a blirogan Sabaid air gu grad: thilg e dheth a gheansaidh fhliuch. agus chuir e air peitean mor agus bha e ullamh gu triall.
Bha athair-ceile, le Seordaidh, and t-each beag donn ‘ga fheitheamh aig a’ gheat, le poca fodair, an aite diollaid ceangailte mu dhruim an eich.
Leum Iain air muin Sheordaidh agus mach an rathad ghabh iad ‘nan deann.
Steornabhagh! deich mile fichead air falbh! deich mile fichead gu dhol agus Catriona ‘na trioblaid: deich mile fichead ri dhol agus deich mile fichead ri thighinn; So mar a bha smuaintean Iain a’ ruith Thug e buille chruaidh do dh’asnaichean Sheordaidh, agus dh’eigh e ris –
“Siubhail a bhalaich! Tha beatha Chatriona an urra riutsa an diugh.” Thug Seordaidh suil air ais, mar gum biodh e gu misneachadh Iain, agus shin e e fhein gu h-iosal ris an talamh, a’ ruith mar nach do ruith e a riamh.
Cha robh an Seordaidh ach each og, ceathar bhliadhnach, air urbhriseadh gu obair, bbur cha robh Catriona airson gu’n toisicheadh e ag obair ro og.
Bha deidh mhor aig oirre-se, agus ‘s ann dha bu choir, bhur b’ise bu mhathair dha, bhur bhris a mhathair fhein a h-amhaich ‘nuair rugadh esan, agus thog ise e mar a chleachd i bhith a’ togail na laoigh. Bhitheadh e ‘ga leantuinn, mar gum b’e cu a bh’ann, eadhoin do’n tigh cheilidh, agus ‘nuair phos i Iain thainig e comhla rithe gun iarraidh, gu dachaidh ur.
Laidir ‘s ged bha Seordadnh beag, chaidh a laimhseachadh gu cruaidh air an mhadainn so. Chaidh a neairt ‘s a mhisneach an cuir gu’n dulainn. Air a’ chomhnard, na dol sios leoidean, cha robh maille ‘sa’ chuis, ach a’ direadh leoidean, bha Iain a’ tighinn dheth ‘s ‘a coiscach ri thaobh, gu faigheadh e beagan anail. ‘Nuair rainig iad Steornabhagh bha na buìtean fhathast gun fhosgladh, ach cha do stad Iain gu’n do raining e tigh an dotair, far an d’fhuair a fior aoidheachd, nuair a chualas fath a thurais.
Fhad’s a hha lain agus Seordaidh a’ faighinn an lon -maidne, dh’fhalbh an dotair gu Catriona, ach b’fheudar do Iain fuireach gun do shaoil leis gu robh an t-each beag dea sgu reis a ghabhail a ris.
An ceann leth-uair a thide, dh’fhalbh iad air ais, air an t-slighe air an d’thainig iad, a cheairt cho cabhagach.
An deidh dhol mu choig mile deug, bu mhor uamhas Iain ‘nuair chunnaic e each mor geal an dotair sios an rathad roimhe, agus bu mhor as t-uamhas a ghabh an dotair nuair thainig an t-each donn suas ri thaobh.
“An e nach dean an t-each agad na’s fhearr na sin idir?” ars’ Iain, “‘S fhearr dhuit gabhail an t-eich agamsa. Chan eil moran ann dheth ach that cridhe math aige.”
Cha d’thuirt an dotair facil, ach bhrosnaich e an t-each geal gu geur le spuirean; rinn esan sciteir agus leum e air adhairt a’ cur smuid as a’ mhorghain.
Lean Seordaidh gu duineil as a dheidh, ach cha b’fhada gus an robh an dotair as an t-sealladh, agus nuair thainig e am fianuis a thighe bha an t-each geal ceangailte ri cuibhle cairte aig ursainn an doruis.
Thainig leanaibh mic Chatriona gu sabhailte do’n t-saoghal, ach cha robh moran feum an Seordaidh tuilleadh bhnr mhilleadh na casan aige, ach ma bha e gun bheag feuim, bha e fad a bheatha fo mhor speis, aig Catriona agus Iain.