An a bhi beachdachadh air eachdraidh a chogaidh mu dheireadh (cogadh Hitler) saoilidh mi nach robh cuid de’n bhruidealachd a ghabh àite móran na bu mhiosa na fulangasan an t-sluaigh san Rioghachd sco fhéin goirid an deaghaidh blàr Chùil-lodair.
Mar tha fios aig a h-uile balach sgoile thainig am Prionnsa Tearlach a dh’aon ghnothaich dhan Rioghachd seo ‘sa bbliadhna 1745 a shireadh Crun Bhreatainn, cha b’ann dha fhéin idir ach dha Athair Righ Seumas VIII.
Ann a bhi bruidheann air cogadh Hitler agus na seòmraichean GAS a chaidh chur suas san Ghearmailt airson cur as dhan na h-Iudhaich; an robh an dòigh ud na bu mhiosa nan dòigh a ghabh luchd-riaghlaidh na Rioghachd sco fhéin airson daoine chur gu bàs? Eisdibh ris a seo …
Of the forty-nine prisoners brought to trial at St Margaret’s Court, seventeen were executed at Kennington Common. The fashion of their dying was soberly described for them by the Justice before they left the court. His words were; … Let the several prisoners return to the prison from whence they came, there they must be severally hanged by the neck, but not till they be dead, for they must be cut down alive, then their bowels must be taken out and burnt before their faces, then their heads must be severed from their bodies severally divided into four quarters and must be at the King’s disposal.
Mu’n tig mi gu cuspair a phaipear seo Raonull MacDhòmhnaill a Baile Fhionnlaigh an Arasaig, bu mhath leam iomradh a dheanamh air an Urramach Raibeart Forbes, Easbuig Ròis agus Ghallaibh.
Bha an t-Urramach Raibeart Forbes na Mhinistear an Lìte aig an am a thàinig am Prionnsa Teàrlach a nall a dh’AIba. Bha amharus aig luchd riaghlaidh na Rioghachd sco gu robh taobh aige ris na Séumasaich, agus leis a sin chaidh e fhéin agus dithis no triuir cile chur sa phriosan; an toiseach an Sruighlea ‘san deaghaidh sin an Dun Eideann, ach leigeadh an t-Urramach Raibeart ma sgaoil an ceann cóig miosan.
‘Nuair a shiolaidh obair ana-cneasta riaghlaidh Hanobhar ‘nar duthaich, ghabh as laimh gréim, fhaighainn air na b’urrainn dha air a chuid a ghabh pàirt an arm a Phrionnsa, no an fheadhainn aig an robh an sgéul fhéin ri innseadh. Thug sco iomadh bliadhna. Bhruidhinn e ri móran, sgriobh e gu móran eile, agus tha gach facal a thubhairt iad, ‘s gach ceist a fhreagair iad ri ‘m faicinn anns an leabhar ainmeil sin a chuir e mach; “The Lyon in Mourning.”
Am measg an fheadhainn ris an do thachair an t-Urramach Foirbeas bha Raonull MacDhòmhnaill a dh’ainmich mi cheana. Bha Raonull ‘na Chaiptean an reisimeid Chlann Ràghnaill aig Cuil-lodair far an d’fhuair e droch leòn.
Tha an t-Urramach Foirbeas ag innseadh dhuinn gun do thadhail Caiptean Domnall MacDhòmhnaill air an 9mh làtha de January 1748 an Lìte; fear nach do thachair riamh ris gus a seo, ach chual e móran mu thimcheall. ‘S e Dòmhnull Ruadh a Bhaileshair a theirear ris ‘sa choimhearsnachd.
Thàinig mi ‘n seo arsa Dòmhnull Ruadh air iarrtas Alasdair MacDhòmhnaill a Cinnse-borgh ‘san Eilean Sgiathanach.
B’urrainn do Alasdair MacDhòmhnaill móran innseadh do’n Urramach Foirbeas, ged nach cluinneadh e bhuaithe ach gun do chuir am Prionnsa agus Fionnaghal NicDhòmhnaill seachad an oidhche na Thaigh.
Air mo ràthad a Dhun Eideann arsa Dòmhnull Ruadh thadhail mi air Caiptean Raonull an Arasaig agus fhad’ a bha mi na chuideachd na thaigh fhéin sgriobh e an litir seo a tha mi nise toirt dhuibh.
Anns an litir tha e ag radh gun deachaidh móran Ghaidheal a bha na laighe leònta air an raoin choghaidh a chur gu bàs an ath mhadainn an deaghaidh a bhlàir; sin rud nach urrainn do dhuine air thalamh aicheadh arsa Raonull.
Chuir e seachad an oidhche; oidhche fhuar reòdhta na laighe air an raoin le dha chois briste agus lom ruisgte mar a rugadh e. Thug an nàmhaid dheth a h-uile troight aodaich a bh’air. Thug e greis a falbh air a mhàgaran a sìreadh àite fasgach, gus mu dheireadh dh’fhalbh an craiceann far nan gluinean aige.
Air a mhadainn ud chunnaic e Saighdearean Chumberland le’n gunnaichean a tighinn an taobh a bha e agus a cur as dhan fheadhainn a bha fhathast beo. Chuir fear aca an gunna ri mo bhroilleach arsa Raonull ach aig a cheart mhionaid thainig Olfigeach (Lieutenant Hamilton) a bhuineadh do reisimeid Cholmondeley (tha mi’n duil) san eadraigean agus ghuilean esan mi gu taigh beag a bha faisg air laimh. An ceann uine chaidh mo ghuilean ann an cairt gu Inbhirnis.
Chaidh a chur ‘sa phriosan an Inbhirnis comhla ri fear Raibeart Nairn. Chaidh aige-san air teicheadh air falbh, ach bha leòn Raonull cho dona ‘s nach b’urrainn dha leantuinn.
Chan fhaca ‘s cha chuala mi iomradh air Lieut. Hamilton fhad’s a bha mi’n Inbhirnis, a fear a shàbhail mo bheatha arsa Raonull, agus bheireadh e toileachadh mór dhòmhsa tachairt ris an duin uasal ud.
Air a Cheathrarnh latha de February 1749 bha mi fhéin agus Raonall MacDhòmhnaill air aoigheachd aig a Bhaintighearna Bruce na Dachaidh an Lìte, agus tha mi toilichte a radh gu bheil casan Raonull air a dhol a feabhas arsa an t-Urramach Foirbeas. Choisich e a Arasaig gu Inbhir Aora, suas ri tri fichead mile, aira rathad a Dhun Eideann.
Air a cheud làtha den Ghiblean 1749 thadhail an t-Urramach Foirbeas air Raonull na àite fuirich ‘sa Chanongate an Dun Eideann. Bha Raonull a gearan gu robh a chas dheas glé ghoirt agus nach b’urrainn dha móran coiseachd a dheanamh.
Anns a chòmhradh a bh’aca thuirt an t-Urramach gun cual e sgeul bho chionn ghoirid agus gum biodh e toilichte chluinntinn mas firinn no breug i, agus is t’usa aon duine is urrainn sin innseadh dhomh. Chuala mi gun deach a Bhaintighearna Finlater (a nighean aig a Mhorair Hopeton) throigh raoin Chuillodair na Coach air a tarraing le sia eich air a cheart fheasgar a chuireadh am blàr, agus sin troimh na ceudan a bha marbh no leonta.
Canaidh mi seo arsa Raonull; air a cheart fheasgar ud an deaghaidh dhan Diuc Cumberland an raoin fhàgail ‘s a chuir e aghaidh air Inbhirnis bha mi na mo laighe air an raoin dearg ruisgte; dh’fhàg an Namhaid lom mi.
Chunnaic mi coach cean gu leòr le sia eich ga tarruing ‘s a cumail air Inbhirnis. Bha na h-eich a teannadh dluth orm; cha b’urrainn dhomh gluasad; bha eagal orm gun deagh mo stambadh fodh chasan nan each. Chaidh agam air beagan gluasad a dheanamh gun fhios nach toireadh cuideigin an aire dhomh. Thug mi suil air a choach san dol seachad agus bha boirionnaich innte ceart gu leòr ach chan urrainn dhomhsa radh le cinnt an robh a Bhaintighearna ‘s a chuideachd. Chuala mi ‘n deaghaidh laimhe gum be sud an aon choach a chaidh seachad am feasgar ud. Thainig an coach cho faisg orm ‘s gun tug a fear a bha ga stiureadh sràc air mo chorp lom le cuip an eich, ach cha do ghoirtich e mi idir.
Chuala Lieut. Hamilton bho fhear Mghr. MacNeill a bha air ceann gnothaich thall an Eireann gu robh Raonull MacDhòmhnaill beo fhathast an Arasaig ni a thatainn ris. Sco agaibh an litir a sgriobh e gu Raonull.
Newry N.I. 1749
Ronald MacDonald, Belfinlay, by Inverness.
Dear Sir,
The bearer Mr. MacNeill tells me you are alive and well. I assure you that I never did anything in all my life that gives me more pleasure than the thoughts I have of saving your life after the battle. I was ordered on a party which was the reason I didn’t see you after I took you off the field. Nothing would give me more pleasure than to see you in Ireland. Pray favour me with a letter.
Your most humble,
James Hamilton.
Cha do choinnich an dithis aca ri cheile gu brath tuilleadh. Cha robh e ‘n dan. Chaochail Caiptean Raonull MacDhòmhnaill air 27th latha de September 1749, aig aois Da bbliadhna thar fhichead. (22)